(Shakti Cobhair nam Boireannach)
'S e buidheann taic a tha ann an Shakti Cobhair nam Boireannach, do bhoireannaich, clann agus oigridh bho choimhearsnachadan mion-shluagh cinnidheach a tha a’ fulang droch-dhìol san teaghlach, no a' feuchainn ri teicheadh bho an cèile, an duine no cuideigin eile.
A bheil thusa, no cuideigin air a bheil thu eòlach, a’ fulang:
- Bualadh?
- Putadh no breabadh?
- Droch ainmean?
- Maoidheadh?
- Feise mar thoradh air èiginn cuirp no inntinn?
- Cumail mar phrìosonach?
- Bacadh bho bhith faicinn teaghlach no caraidean?
- Pòsadh mar thoradh air èiginn?
- Draghan mu gearradh bhall-pearsanta boireannach?
- Droch làimhseachadh bhon teaghlach leis a bheil thu a' fuireach?
- Eagal gun tèid d'fhàgail leat fhèin thall-thairis?
Ma tha seo a' tachairt dhutsa no do chuideign air a bheil thu eòlach, faodaidh tu bruidhinn rinne. 'S e do chòir a th'ann faireachdainn sàbhailte.
Ma tha fèin-fhiosrachadh agadsa air droch-dhìol san teaghlach, na biodh eagal ort cobhair fhaighinn. A bharrachd air bruidhinn rinne, faodaidh tu cuideachd bruidhinn gu prìbhideach ri do dhotair, do thadhalaiche slàinte no d'obraiche sòisealta.
Tha Shakti a’ toirt seachad:
- Àite-fuirich sàbhailte airson greis agus taic às a dhèidh
- Taic phractigeach agus fiosrachadh air còirichean laghail, sochairean, taigheadas, obair, agus marsin air adhart
- Taic co-fhaireachdainn
Tha taic ri fhaotainn airson boireannaich agus clann a tha air tèarmann no taigheadas-taic eile fhàgail.
Tha còrr is 20 cànain a bharrachd air Beurla aig luchd-obrach Shakti.
Cuir fòn thugainn air 0131 475 2399 – tha sinn fosgailte Diluain gu Dihaoine 9.30m – 5f. Cuimhnich – ma tha thu ann an cunnart cuir fòn gu 999.
Faodaidh tu cuideachd fòn a chur chun an Scottish National Domestic Abuse Helpline air 0800 027 1234 (24 uairean san latha).
Tha na Poileas agus an National Domestic Abuse Helpline a' cleachdadh ‘Language Line’ - ma tha feum agad air cuideachadh le cànan, innis dhaibh dè an cànan a dh'fheumas tu.
A' fuireach Sàbhailte
‘S e do chuid sàbhailteachd, agus sàbhailteachd do chloinne, an rud as cudromaiche. Seo beagan cuideachaidh airson fuireach sàbhailte:
- Bruidhinn ri Shakti air am fòn, cuir thugainn post-d, no coinnich rinn.
- Ma tha thusa, no do chlann, ann an cunnart, cuir fios gun phoileas (999) no thugainn fhein. Tha sinn an seo gus do chuideachadh.
- Lorg fiosrachadh (bho làrach-lìon no bhon leabhar-lann). Thoir sùil air na ceangalan againne.
- Dèan liosta de dh'àireamhan fòn airson daoine anns a bheil earbsa agad (caraidean, no dotair) agus cùm ann an àite sàbhailte e.
- Ma dh'fheumas tu fàgail gu h-obann, feuch ri paipearan cudromach a thoirt leat, mar passport dhut fhein agus do chlann
- Cùm beagan airgid no cairtean banca còmhla riut no ann an àite sàbhailte
- Cùimhnich nach eil thu leat fhèin – 's urrainn dhuinn do chuideachadh!
- Cuimhnich cuideachd nach e do choire a th'ann gu bheil droch-dhìol teaghlaich a' tachairt dhut – agus cuimhnich nach eil thu nad aonar!




